Scots Gaelic Bible

Mark 3

Mark

Return to Index

Chapter 4

1

Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata `s gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;

2

Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha `na theagasg:

3

Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur.

4

`S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh` ith iad e.

5

Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: `S ghrad-dh` fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige:

6

`S nuair a dh` eirich a ghrian, shearg e; `s bho nach robh friamh aige, shearg e as.

7

Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh` fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh.

8

Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh` fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.

9

Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.

10

Agus nuair a bha e leis fhein, dh` fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.

11

Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,

12

Air chor `sa faicinn gum faiceadh iad, `s nach bu leir dhaibh; `sa cluinntinn gun cluinneadh iad, `s nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, `s gum mathte dhaibh am peacannan.

13

Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal?

14

Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.

15

Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan.

16

Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:

17

`S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh` eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh.

18

Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; `siad sin iadsan a dh` eisdeas ris an fhacal

19

Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh `sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.

20

Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, `s iad sin iadsan a dh` eisdeas ris an fhacal, `sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.

21

Is thuirt e riutha: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir?

22

Oir chan eil ni am falach, nach toirear am follais; `s cha d` rinneadh ni an uaigneas, ach los gun nochdar e.

23

Ma tha cluasan aig duine sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.

24

Is thuirt e riutha: Thugaibh an aire dhan rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuilleadh ris dhuibh.

25

Oir dhan neach aig a bheil, bheirear: agus bhon neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a th` aige bhuaithe.

26

Is thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh,

27

`S gun caidleadh e, `s gun eireadh e a dh` oidhche `sa latha, `S gum fasadh an siol, `s gun cinneadh e gun fhios dha.

28

Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an deis.

29

`S nuair a tha `n toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dail, bho na tha am foghar air tighinn.

30

Is thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i?

31

Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, nuair a chuirear san talamh i, is lugha i den h-uile siol a tha air thalamh:

32

`S an deigh a cur, fasaidh i suas, is cinnidh i nas mua na h-uile luibh, is cuiridh i mach geugan mora, agus faodaidh eoin an athair tamh fo `sgaile.

33

Agus le iomadh dubhfhacal den leithidean so, labhair e riutha am facal, air reir `s mar b` urrainn dhaibh eisdeachd:

34

Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riutha: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil.

35

Is thuirt e riutha an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile.

36

`Sa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh don eathar mar a bha e; is bha eathraichean eile comhla ris.

37

Agus dh` eirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh don eathar, air chor `s gun robh an t-eathar a lionadh.

38

Agus bha esan an deireadh an eathair `na chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil umhail agad gu bheil sinn a dol a dhith?

39

`S ag eirigh chronaich e a ghaoth, `s thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Is laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor.

40

Is thuirt e riutha: Carson a tha eagal oirbh? Nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; is thuirt iad ri cheile:

Mark 5

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: